3–5 bliadhna a dh’aois
’S e sgoil-àraich dheas-ghnàthaichte a th’ ann an Òganan Bhaile a’ Ghobhainn. Tha an sgoil-àraich air a dhealbhachadh ri bhith na h-àrainn bhàidheil bhlàth a bheir a h-uile càil don chloinn a dh’fheumas iad ri fàs is leasachadh, gus am bi an tòiseachadh as fheàrr air a’ bheatha aca mus tèid iad don sgoil.
Tha sreath de roghainnean ann bho Òganan dhut a-rèir d’ fheumalachdan is na tha thu fhèin ag iarraidh.
Air thùs is air thoiseach, tha sinn a’ tabhann phroifeiseantach cùramach air an deagh thrèanadh, a bhios ag obair fad an latha gus taic a thoirt don chloinn ’s iadsan ag ionnsachadh fo stiùireadh solta, cùram fa-leth, agus le gnìomhachasan leasachail. Gu sìmplidh, bu mhiann leinn gun ruig do phàiste àrd a chomais gus an tòisich e gu fìor mhath air slighe na beatha. Bidh a’ chlann a’ treòrachadh an cuid ionnsachaidh fhèin, agus bidh sinn a’ freagarrachadh nam planaichean againn a-rèir na thogas an ùidhe-san. Cuideachd, bidh sinn a’ brosnachadh cluiche air a’ bhlàr a-muigh cho tric ’s a bhios sin comasach. Tha sinn ag iarraidh gum fàs a’ chlann nar cùram ann am misneachd is tuigse cho math ri ann an comasan is buadhan.
Thèid greimeannan-bìdh, bainne no uisge, agus lòn teth a thoirt don chloinn aig an ionad. Bidh na tràthan ud beathachail is co-chothromach, agus thèid feumalachdan daitheid a shàsachadh mas iomchaidh sin.
Thig a dh’fhaicinn na bhios sinn a’ tabhann!