Ma tha beachd aigneach is dìorras nàdarra agad ’s tusa dealasach mu chùram-cloinne barraichte tro mheadhan na Gàidhlig, ’s e sin na dh’fheumas tu ri bhith nad bhall den sgioba againn.
Tha sinn a’ sireadh thuarastalaichean onarach bàidheil tìtheach ri bhith nam ball den sgioba againn. Thèid an luchd-obrach a thaghadh airson an dealais ’s an tìthe don chloinn nar cùram, agus airson an eòlais shònraichte aca air cùram-cloinne. Tha sgioba dealasach tìtheach againn aig a bheil sreath farsaing de sgilean, theisteanasan, bhuadhan, agus de theòmachd. Tha seo follaiseach sa mhodh anns am bi iad a’ dèiligeadh ris a’ chloinn, a’ toirt spèis dhaibh, agus le an inntinn air an leas-san fad an t-siubhail.
Tha sinn den bheachd gun toir luchd-obrach thoilichte air a’ chloinn a bhith toilichte, agus le sin bidh sinn a’ tabhann pasgan glè cho-fharpaiseach de dhuaisean. Tha grunn nach beag de bhuannachdan a thig an lùib dreuchd aig Òganan, agus ’s cinnteach gun lorg thu rudeigin as toil leat ann an sin.
Tuarastal co-fharpaiseach –
-
’S e Fastaidhear Tuarastal Bith-bèo a th’ annainn agus tha cothroman tarraingeach ann dhut ri do dhreuchd a leasachadh.
Trèanadh air loidhne
Sgeama-peinnsein
Sgeama Mol Caraid Dhuinn –
-
ma mholas tu neach-labhairt na Gàidhlig eile son dreuchd againn, gheibh thusa duais de £75.
Ath-sgrùdadh Bliadhnail air Tuarastal
Lasachaidhean na luchd-obrach air cosgais cùram-cloinne
Uairean-obrach sùbailte –
-
bidh sinn ag obair còmhla riut feuch an cuir sinn air dòigh rudeigin a fhreagras seòl do bheatha, ma ghabhas sin a dhèanamh.
Trèanadh-inntrigidh slàn
Cothroman Adhartas san Dreuchd
Sgoilearan FMG ann an S4/5/6 –
-
Ge b’ e smaoineachadh air dè nì thu às dèidh fàgail na sgoile, dèanamh obair le cloinn mar-thà a tha thu, no ma thogras tu do sgilean-cànain a leasachadh, bu mhath leinn cluinntinn bhuatsa gu mòr.
-
Tha caochladh dhreuchdan againn a bheir cothrom do dhaoine dìcheallach dealasach ri bhith nam ball de sgioba fàsmhor. Còmhla, lìbhrigidh sinn cùram-cloinne den inbhe as àirde, agus cuiridh sinn ri so-seasmhachd a’ chànain san àm ri teachd.