Cluba às dèidh na Sgoile
15:20–17:50
Tha an cluba às dèidh na sgoile ann gus beagan fois às dèidh na sgoile a thoirt dod phàiste. Bidh sinn a’ cruthachadh àite anns am faod iad fois a ghabhail, spòrs fhaighinn, agus còmhla ri clann eile a mheasagachadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ cluich gèama ball-coise no speilpean, a’ gabhail pàirt ann an cluba ciad-fhuasgladh, no a’ seinn òran ‘s àm a’ Mhòid a’ teannadh oirnn. Tha iomadach dòigh ann ri ùine mhath dha-rìribh a chur seachad còmhla ri caraidean às dèidh na sgoile. Ma bu mhath leat gun toir sinn taic dod phàiste le leughadh no obair-dhachaigh, cuiridh sinn sin san àireamh cuideachd.
Bidh greim-bìdh fallain ga thabhann dod phàiste agus thèid aige air deochan is measan a ghabhail uair sam bith air feadh an t-seisein.
Cuideachd, bidh an cluba às dèidh na sgoile ag oibreachadh à Sgoil Pàirc Pilrig a tha 4 mionaidean de choiseachd air falbh thairis air a’ phàirc. Tha an seòmar Òganain a’ fosgladh air raointean farsaing agus tha iad seo nan àrainneachd bheirteach làn bòidhchead nàdarra air an taobh a-muigh.