Saor-làithean Ghlaschu

Clubaichean nan Saor-làithean

Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn

3 Cùirt Burndyke, Baile a’ Ghobhainn, Glaschu G51 2BG

 

Ged as e prìomh-sholaraiche foghlam nan tràth-bhliadhnaichean agus chlubaichean cùram-cloinne tro mheadhan na Gàidhlig a th’ ann an Òganan, bidh sinn cuideachd a’ cumail chlubaichean nan saor-làithean air feadh na bliadhna, aig am bi sreath de chothroman is de ghnìomhachasan eadar-dhealaichte gan tabhann. ’S ann aig Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn a bhios ionad cluba nan saor-làithean, agus bidh clann ann am foghlam na Gàidhlig às gach àird de Ghlaschu a’ cruinneachadh ri ùine sgoinneil fhaighinn còmhla.

’S ann do phàiste sam bith a tha 5–12 bliadhna a dh’aois a bhios clubaichean nan saor-làithean againn.

Thathas a’ dealbhachadh chlubaichean nan saor-làithean gus am mair a’ chlann air an dòigh ghlain fad an latha. Chan ann a-mhàin gum bi iad a’ feuchainn spòrsachan ùra agus gèamannan sùrdail, ach bidh iad ag ionnsachadh sgilean ùra ‘s iadsan a’ faighinn tòrr spòrs! Air sàilleibh an uireid de ghèamannan co-obrachaidh, ’s e cothrom fìor mhath a bhios ann dhaibh an obair-sgioba agus an sgilean conaltraidh a leasachadh.

Mar as motha as urrainn dhuinn taic a thoirt don chloinn le leasachadh an sgilean cànain, ’s ann as fheàrr a bheir sin buannachd dhaibh fad slighe am beatha.

Bidh clubaichean nan saor-làithean againn a’ toirt fois-inntinn do phàrantan gum bi an cuid chloinne ri spòrs ann an àrainneachd bhàidheil àrachadh, agus toil-inntinn gum bi iad a’ leasachadh an sgilean cànain ann an dòigh gun choimeas. Bidh fèin-mhiadh ar luchd-labhairt òga gam misneachadh tro choinneachadh is chleachdadh na Gàidhlig ann an sreath de shuidheachaidhean diofraichte a bharrachd air cho cudromach ’s a tha seo a thaobh am foghlaim.

Saor-làithean Ghlaschu

Na prògraman againn

Tha suidheachadh nan ionadan againn air an taghadh air sàilleibh nan goireasan aca, agus bidh luchd-obrach Òganain a’ planadh sheiseanan gus an teid an ùine ’s an t-àite a th’ againn a bhuileachadh. Bidh prògraman chlubaichean nan saor-làithean againn gan cruthachadh ann an com-pàirteachadh ris a’ chloinn agus gan stèidheachadh air na thogras iad agus na thogas an ùidhe.

Bidh sinn a’ tabhann:

Seiseanan leth-làitheil

Seiseanan làitheil

Seiseanan seachdaineil

Bidh sinn a’ cumail:

 Clubaichean Saor-làithean na Càisge

Clubaichean Saor-làithean an t-Samhraidh

 

Seo taghadh de na rudan a b’ urrainn dhut sùileachadh bho Chluba Saor-làithean Òganain!

Tha clàradh furasta

Bidh àitichean aig clubaichean nan saor-làithean rim faighinn don luchd as luaithe làmh. Sgaoilidh Òganan teachdaireachd nuair a dh’fhosglas clàradh gach cluba saor-làithean.

Thèid an teachdaireachd a chur chun nan teaghlaichean a bhios air an clàradh aig an ionad mar-thà. Nuair a bhios an clàradh fhèin fosgailte, faodaidh iarrtasan a chur gu aidan@oganan.com

Gus àite a chlàradh aig Òganan, briog air a’ cheangail gu h-ìosal.

CUDROMACH: Thoir an aire nach eil e comasach clàradh-àite a chur dheth ach le rabhadh de cheithir seachdainean sa char as lugha ro-làimh.

THA SINN DEALASACH GUM BI A’ CHLANN FROGANTA, RI MIRE, AGUS AG IONNSACHADH CÒMHLA.

Thoir leat:

Bidh feum agad air:

• Pasgan-bìdh, bidh sinne a’ solar ghreimeannan-bìdh!

• Botal-uisge a ghabhas ath-lìonadh – sin a bhiodh a b’ fheàrr; ach bidh uisge ann don chloinn fad an latha co-dhiù

• Aodach a bhios freagarrach do ghnìomhachasan an dà chuid a-staigh is a-muigh

• Còta-uisge son àm-fosaidh agus cluiche-saor. Bidh sinn a’ brosnachadh na cloinne ri cluich air a’ bhlàr a-muigh fiù ’s ri sìde sgliomach dhorcha

• Stuth-slàinteachaidh làimhe, ma bhios e agad. Bidh sinn ag iarraidh air a h-uile pàiste a làmhan a nighe ’s e a’ ruigsinn agus a’ fàgail an togalaich gach latha (agus aig amannan eile air feadh an latha cuideachd)

• Uachdar-grèine (mas fhreagarrach an t-sìde!)

Cha bhi feum agad air:

• Fòn-làimhe – feumaidh nach bi tè ga cleachdadh no ga toirt a dh’Òganan. Mas riatanach e, feumaidh i ga cumail ann am baga a’ phaiste gu deireadh an latha

• Acainn spòrs, geamannan, no dèideagan – tha am pailteas againne!

•  Earraidhean a lethid uaireadairean daora agus seudraidh neo-riatanach

Saor-làithean Ghlaschu
Saor-làithean Ghlaschu
Saor-làithean Ghlaschu