Cluba às dèidh na Sgoile
Tha goireasan air leth ann aig cluba às dèidh na sgoile aig Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn, le seòmar don chloinn dhaibh fhèin agus àitichean-cluiche mòra air a’ bhlàr a-muigh.
Tha an cluba às dèidh na sgoile ann gus beagan fois às dèidh na sgoile a thoirt dod phàiste. Bidh sinn a’ cruthachadh àite anns am faod iad fois a ghabhail, spòrs fhaighinn, agus còmhla ri clann eile a mheasagachadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ cluich gèama ball-coise no speilpean, a’ gabhail pàirt ann an cluba ciad-fhuasgladh, no a’ seinn òran ’s àm a’ Mhòid a’ teannadh oirnn. Tha iomadach dòigh ann ri ùine mhath dha-rìribh a chur seachad còmhla ri caraidean às dèidh na sgoile. Ma bu mhath leat gun toir sinn taic dod phàiste le leughadh no obair-dhachaigh, cuiridh sinn sin san àireamh cuideachd.