Poileasaidh Prìobhaideachd

Tha Òganan an geall gun dìon is gun glèidh sinn prìobhaideachd an fheadhainn a bhios a’ tadhail air an làrach-lìn againn no a nì conaltradh rinn ann an cruth didseatach.  Tha an sgrìobhainn seo a’ mìneachadh ciamar a làimhsicheas sinn dàta pearsanta sam bith a bheir sinn bhuat no a bheir thu dhuinn tron làrach-lìn againn.

Tha sinn a’ deimhinneachadh gun glèidh sinn gu tèarainte am fiosrachadh agad agus gun gèill sinn gu h-iomlan ri reachdas is riaghailtean iomchaidh Dìon Dàta na RA.  Leugh na leanas gu cùramach gus an tuig thu na thachras don dàta phearsanta a bheir thu dhuinn no a bheir sinn bhuat nuair a thadhaileas tu air an làrach-lìn seo.  Bidh thu a’ ceadachadh agus a’ gabhail ris na modhan-obrach a bhios gan cur an cèill sa phoileasaidh seo nuair a thadhaileas tu air www.oganan.com (an làrach-lìn againn).

 

Briosgaidean

Ged a bhios sinn a’ cleachdadh stadastaireachd ann an cruth neo-ainmichte, a thèid a chruinnicheadh le briosgaidean, cha chruinnich is cha làimhsich sinne fiosrachadh pearsanta air an fheadhainn a bhios a’ coimhead air duilleagan an làraich-lìn againn.  Bidh na h-aithisgean, a thèid a chruthachadh san dòigh seo, a’ cur ri ath-dhealbhachadh an làraich-lìn agus ri leasachadh air mar a dh’oibricheas e.

An-dràsta fhèin, ‘s e poileasaidh ‘cead ìmplichte’ a tha sinn ag oibreachadh.  Tha sin a’ ciallachadh gun tuig sinne gu bheil thusa làn riaraichte leis an dòigh a thathas a’ cleachdadh bhriosgaidean.  ‘S urrainn dhut gabhail ri briosgaidean no an diùltadh.  Bidh a’ chuid as motha de bhrabhsairean a’ ghabhail gun iarraidh ri briosgaidean, ach mar as àbhaist ‘s urrainn dhut briosgaidean a dhiùltadh tro na roghainnean-brabhsair, ma b’ fheàrr leat sin.  ‘S dòcha nach gabh thu làn bhrath air an làrach-lìn ma nì thu seo.

Ma bu toil leat bacadh no casg a chur air na briosgaidean brabhsair-lìn a bhios stàlaichte air an inneal agad, gabhaidh sin a dhèanamh tro na roghainnean-brabhsair; bu chòir seo a bhith ga mhìneachadh leis an fhoinsean Cobhair sa bhrabhsair fhèin.  Air neo, faodaidh tu tadhail air www.aboutcookies.org aig a bheil mion-fhiosrachadh air mar a thèid seo a dhèanamh le iomadach seòrsa de bhrabhsair-deasg.

 

Ceanglaichean Treas-phàrtaidh

Air uairibh, dh’fhaoidte gun nochd ceanglaichean air an làrach-lìn againn a bheir thu do no bho làraich-lìn treas-phàrtaidh.  Ma leanas tu ceangal do gin de na làraich-lìn seo, thoir an aire gum bi poileasaidh prìobhaideachd aca fhèin agus cha ghabh sinne fiachanas no dleastanas sam bith fo na poileasaidhean ud.  Bi eòlach air na poileasaidhean ud mus com-pàirtich thu am fiosrachadh pearsanta agad ris na làraich-lìn seo.

 

Do chòraichean – inntrigeadh air an dàta phearsanta agad

Tha còir agad air cinnt gu bheil am fiosrachadh pearsanta agad ga làimhseachadh gu dligheach (“Subject Access Right”).  Gabhaidh an còir-inntrigidh chùisearail agad a chleachdadh ann an co-rèir ri laghan is riaghailtean dìon dàta.  Feumaidh iarrtas sam bith air inntrigidh chùisearail a chur ann an sgrìobhadh gu oifis@oganan.com.  Bidh sinn a’ solar dhut an dàta phearsanta agad ro cheann nan crìoch-ama reachdail.  ‘S dòcha gum feum sinn tuilleadh fhiosrachaidh iarraidh ort gus am bi e comasach dhuinn na bhios sinn a’ glèidheadh den dàta phearsanta agad a lorg.  Ma thogras tu gearan a dhèanamh mun dòigh a thathas a’ cleachdadh am fiosrachadh agad, tha còir agad ri gearan a thogail le Oifis a’ Choimiseanair-fiosrachaidh (ICO).

 

Atharraidhean air a’ phoileasaidh phrìobhaideachd againn

Ma nì sinn atharraidhean air a’ phoileasaidh phrìobhaideach againn san àm ri teachd, thèid iad a thaisbeanadh air an duilleig seo, agus mas iomchaidh e, thèid fios a chur thugad le post-d.  Bi mothachail air ùrachaidhean no atharraidhean air a’ phoileasaidh phrìobhaideach againn le bhith a’ tadhail an seo gu tric.

 

Fios Thugainn

Tha thu di-bheathte ceistean, iomraidhean, is iarraidhean a thaobh a’ phoileasaidh phrìobhaidich seo a chur gu oifis@oganan.com