“ ’S e àrainneachd ionnsachadh na Gàidhlig a th’ ann far am bi a h-uile duine a’ cur a’ chànain gu feum ann an sreath de shuidheachaidhean nàdarra ’s chan ann a-mhàin sa chlas.”
CEANNARD-SGOILE
Clubaichean nan Saor-làithean
Prògram ùidheil làn cluiche, spòrs, agus ealain is obair-làimhe. Leigidh e leis a’ chloinn a bhith sgiobalta, a lorg charaidean ùra, agus a thoirt seachad ùine mhath dha-rìribh air feadh saor-làithean na sgoile.
Seo Beachd nam Pàrantan Againn
“’S fìor thoil le mo phàiste Òganan. Chanainn gur e siud a’ phàirt den latha as annsa leis, agus uaireannan bidh e air a chur mun cuairt airson ’s mise ga thogail às! Cumaibh a’ dol an t-sàr-obair agus taing mhòr dhuibh!”
Pàrant Clas 5 – Bun-sgoil Taobh na Pàirce
“Tha an t-seirbheis a h-uile sian a bha mi an dòchas gum biodh i. Tha i a’ cruthachadh àite sàbhailte spòrsail dhan chloinn fhèin, agus dha na pàrantan, ’s e deagh luach an airgid a th’ innte.”
Pàrant Clas 3 – Bun-sgoil Ghleann Dail
“Bha dithis de mo phàistean aig cluba nan saor-làithean agus bha fìor dheagh spòrs aca le tòrr ghnìomhachasan is chuairtean air am planadh gu math.”
Pàrant Cluba nan Saor-làithean
“Tha mi glè thoilichte airson mo nighinn ’s gu bheil e comasach dhi Gàidhlig a chlunntinn ’s a bhruidhinn ann an suidheachadh sòisealta taobh a-muigh air an t-seòmar-teagaisg.”
Pàrant Clas 2 – Bun-sgoil Bhaile a’ Ghobhainn
“Tha mi aig mullach mo shòlais le cùram sgioba nan tràth-bhliadhnaichean aig Òganan. ’S e brod nan sgoiltean-àraich a th’ ann an tè seo! Tha mo phàiste air blàthachadh on a thòisich i, agus bheir e iongnadh orm a cluinntinn bruidhinn sa Ghàidhlig. Seach gu bheil mi nam phàrant a bhios ag obair, tha mi làidir den bheachd gu bheil earbsa ris an àite a dh’fhàgas tu do phàiste glè chudromach agus gu bheil thu cinnteach gum bi e sona, sàbhailte, is dìonta ann an sin!”
Pàrant Ro-sgoilearan – Bun-sgoil Taobh na Pàirce
“Tha meas aig an luchd-obrach air na nì iad, agus tha seo follaiseach ann an sunnd na cloinne aig Òganan. Bidh mo phàiste a’ gearain rium, ma bhios mi ga togail ro thràth. Nam bheachdsa, ’s e deagh chomharra a tha siud.”
Pàrant Clas 7 – Bun-sgoil Taobh na Pàirce
Na h-Àiteachan Againn
Òganan Dhùn Èideann
Òganan Ghlaschu
Òganan Bhaile a' Ghobhainn
“Tha ar nighean glè thoilichte, agus tha fiughair nas motha aice ri bhith aig Òganan na san sgoil fhèin. Nam bheachdsa, ’s e dearbhadh a tha sin air an obair a nì an sgioba agus air an t-suidheachadh a chruthaicheas iad.”