SnaG header for email copy

Seachdain na Gàidhlig 2025 – Ceanglaichean gun Chrìch

Air sàilleibh ‘s gun robh Seachdain na Gàidhlig am bliadhna ann, bha a h-uile suidheachadh Òganan an sàs ann am prògram loma làn de thachartasan spòrsail fon bhratach ‘Ceanglaichean gun Chrìch‘.

Eadar a bhith a’ cèilidh air buidhnean eile, a’ cur fàilte air daoine eile don na h-àitichean againn son seiseanan leughaidh is seinn, agus a’ cur chàirdeasan-sgrìobhaidh ùra air dòigh, ‘s e taisbeanadh mìorbhaileach de choimhearsnachd is cheangail a bh’ ann.

Seo beagan bhàrr-phuingean dhith!

SnaG header for email - settings-04

Òganan Dhùn Èideann: Chruthaich a’ chlann leabhar-mhìr air an robh ‘Tha Gàidhlig a’ ciallachadh dhomhsa…’, anns an do roinn iad an cuid smaointean air a’ chànan agus air mar a chì iad sa bhaile e. 

SnaG SM - WEB DEOOSC jpg 30
SnaG SM - WEB DEOOSC jpg-27
SnaG SM - WEB DEOOSC jpg-26
SnaG SM - WEB DEOOSC jpg-30

Sgrìobh iad gu caraidean-sgrìobhaidh sa Ghearasdan cuideachd, agus nach sinne a tha air bhioran a’ feitheamh air freagairtean bhuapasan!

SnaG header for email - settings-02

Òganan Ghlaschu (Gleann Dail): Shiubhail a’ chlann gu Baile a’ Ghobhainn far an robh iad tighinn cruinn còmhla ris na suidheachaidhean Glaschu eile. Bha co-fharpais fuineadaireachd spòrsail againn a thug a’ choimhearsnachd ri chèile, agus bha an fhuineadh fhèin gu math blàsta!

SnaG SM - WEB G-G-26
SnaG SM - WEB G-G-30
SnaG header for email - settings-03

Òganan Ghlaschu (Baile a’ Ghobhainn): Thadhal clann cluba às dèidh na sgoile air an sgoil àraich son seisean leughaidh, far an robh iad a’ roinn nan sgeulachdan as fheàrr leotha ris a’ chloinn na b’ òige.

SnaG SM - WEB G-BG-30
SnaG SM - WEB G-BG-26
SnaG header for email - settings-05

Òganan Bhaile a’ Ghobhainn: Bha cuairt air leth aig an sgoil àraich do Chomhairle nan Leabhraichean.

SnaG SM - WEB BG-30
SnaG SM - WEB BG-26
SnaG SM - WEB BG-27

Chòrd seisean seinn is sgeulachd còmhla ri Alison riutha, agus chuir iad eòlas air leabhraichean Gàidhlig, agus fiù ‘s thug iad feadhainn dhiubh air ais don t-suidheadheachadh.

SnaG header for email - settings-06

Òganan Dhùn Èideann (Na Tràth-bhliadhnaichean): Chòrd seisean Leugh le Linda ri clann nan tràth-bhliadhnaichean, às an do ghabh iad deachdadh gus leabhar dhaibh fhèin mu Choinneach am Mathan a chruthachadh.

SnaG SM - WEB DEEY-26
SnaG SM - WEB DEEY-27
DEEY SNAG NEWSLETTER combined 2

‘S e seachdain làn ionnsachaigh, gàireachdaich, agus ceangail a bh’ ann—a’ dùsgadh Gàidhlig gu beatha eadar na coimhearsnachdan againn!