winter newsletter banner - menu GDH
winter newsletter banner-mini_gaelic

Leasachaidhean air na h-Àrainneachdan Taobh a-Muigh ‘s a-Staigh

Cluba às dèidh na Sgoile Bhaile a’ Ghobhainn

Ann am Baile a’ Ghobhainn o chionn ghoirid, tha a’ chlann ‘s na buill-sgioba air pròiseact a stèidheachadh gus na ghabhas dèanamh aig cluba às dèidh na sgoile ath-dhealbhachadh còmhla.

Abair beachd-smaoinean mìorbhaileach! Bho sgèimheachadh nan àitichean taobh a-staigh gu ath-ùrachadh nan raointean taobh a-muigh, tha tòrr tionnsgalachd air a bhith ann!

[page 3] photo 1
[page 3] photo 2
[page 3] photo 3

Rinn feadhainn den chloinn is den sgioba fàthach air leasachadh nan dealbhan-balla againn, a tha a-nist nan àitichean beòthail brosnachail. Rannsaich feadhainn eile stòrasan ùra airson ‘s gun dèan iad na gnìomhachdan againn nas tarraingiche.

Am measg nam beachd-smaoinean iongantach ùra bhuapa, tha siostam fhèin-clàraidh ann, leis am bi a’ chlann a’ taghadh mar a bu thoil leotha an ùine aca a chur seachad—co-dhiù thèid iad dìreach a-mach, fanaidh iad a-staigh gus gnìomhachdan a dhèanamh, no gabhaidh iad fois san oisean leughaidh is tèicneolais againn.

[page 3] photo 4
[page 3] photo 5

Chuir sinn beagan ùine a-steach ann an trusadh bheachdan na cloinne air dè thogradh iad nochdadh air a’ chlàr-bhìdhe. Agus chuir sinn àm-greimeig  ion-ghabhalta sùbailte air dòigh anns an cuidich a’ chlann leis an ullachadh gu h-ìre nas motha.

Tha measgachadh de bheachd-smaoinean ùra bho a h-uile a tha an sàs a’ cur ri leasachadh àrainneachd a tha a’ faireachdainn fàilteachail togarrach agus a th’ air a dhealbhachadh a-rèir feumalachdan na cloinne.

[page 3] photo 7
[page 3] photo 6
[page 3] photo 8

Tha fiughair againn ris na beachd-smaoinean air leth seo a thoirt air adhart agus ri bhith a’ faicinn a’ chluba às-dèidh na sgoile againn a’ fàs na àite fiù ‘s nas beòthaile is cruthachaile fhathast!

Bithibh furachail air tuilleadh naidheachdan bhuainn!

Cluba às dèidh na Sgoile Ghleann Dail

Às dèidh dhuinn lèirmheas air greimeagan-bìdhe a chumail ro shaor-làithean an t-samhraidh, bho thoiseach na teirme san Lùnastal, bha tighinn fodhainn ri lèirmheas slàn air na sholaras sinn de ghoireasan taobh a-muigh ‘s a-staigh a chur air dòigh aig cluba às dèidh na sgoile Ghleann Dail.

[page 3] photo 9

‘S e ar rùn ‘s gun leasaich sinn an t-àite-cluiche nas fhaide fhathast ri bhith a’ tabhann barrachd chothroman ri fois a ghabhail agus sreath nas leatha de ghnìomhachdan tairbheach is fallain no fiù ‘s nach eil ach spòrsail san fharsaingeachd!

Fhad ‘s a bhios sinn ri leasachadh nan àitichean againn, bidh sinn a’ cur buille air beachdan na cloinne a thrusadh.

[page 3] photo 10
[page 3] photo 11

Dh’fhaighnich sinn dhiubh mu na goireasan a th’ againn mar-thà, agus an uair sin mu na dh’fhaodamaid cur ris a’ chruinneachadh againn. Le mìosan a’ gheamhraidh a’ teannadh oirnn, bha nochd fàthach soilleir bhon chloinn air goireasan taobh a-staigh.

children's voices
Bha beagan iomraidhean na cloinne mar a leanas:

“Am faod sinn peanta fhaighinn?

“Barrachd board games!!

“Am faod sinn barrachd crates fhaighinn airson taobh a-muigh?

Às dèidh dhuinn an t-àireamh as motha de bheachd-smaoinean a shireadh orra, thionndaidh sinn gu leudachadh an àite-chluiche againn agus gu meudachadh nan goireasan.

A-nist, tha cruinneachadh tòrr nas motha de gheamannan ann (am measg, an dèideag às fheàrr le mòran, am bòrd-pool!).

[page 3] photo 12

Cuideachd, chuir sinn bòrd-sgàil air dòigh, a tha a’ tabhann chothroman gun sguir son cluiche nam buadhan is cluiche sgluidseach, agus dh’ath-ùraich sinn na stuthan ealain is obair-làimhe againn gus am bi tòrr a bharrachd roghainnean ann.

[page 3] photo 13
[page 3] photo 14
[page 3] photo 15

Rinn a’ chlann toileachadh ris na goireasan ùra agus ghabh iad riutha gu togarrach.

children's voices
Seo beagan de na rudan a thuirt iad man dèidhinn:

“Tha Òganan cho spòrsail!

“Tapadh leat airson an stuth ùr

“Tha am bogsa fidgets an rud ùr as fheàrr leam

Pages: 1 2 3 4 5 6