winter newsletter banner - menu GDH
winter newsletter banner-mini_gaelic

 
Cluba an t-Soirbheadais

Le toileachas mòr, tha sinn a’ cur an cèill gun deach Cluba an t-Soirbheadais air bhog, far am bi a’ chlann ag ionnsachadh mu na taisbeanairean SHANARRI, tro an gabh coimhearsnachd Òganan nas fallaine ‘s nas sunndaiche a chruthachadh.

shannari_ver_1

Tha SHANARRI a’ ciallachadh Sàbhailte (Safe), Fallain (Healthy), Èasgaidh (Active), Altramaichte (Nurtured), Buannachadh (Achieving), Urramaichte (Respected), Cùramach (Responsible), agus Ion-ghabhte (Included). Bidh an cluba againn ag àrach nan luachan seo tro spòrs agus ghnìomhachdan tarraingeach.

‘S e a’ chlann fhèin a tha a’ treòrachadh a’ chluba, agus tha sinn air gnìomhachdan a dhealbhachadh a-rèir na thogras a’ chlann ionnsachadh ma dhèidhinn gach seachdain.

Air a’ chiad seachdain, rinn buill a’ chluba cùrsa Meabh Mheidigich a dh’ionnsaigh ‘Sàbhailte‘ (Safe), agus iadsan ag ionnsachadh sgilean beatha-shàbhaladh a leithid ath-dhùsgadh a’ chridhe ‘s nan sgamhannan (CPR).

[page 4] photo 1
[page 4] photo 2

Thug seo cothrom dhaibh ri ceistean a chur, fhad ‘s a bha iad ag ionnsachadh mu mhodh-giùlain ann an suidheachadh-èiginn agus a’ neartachadh am fèin-misneachd.

Dh’fhàs iad innleachdach nuair a bha iad ag ionnsachadh mu ‘Altramaichte‘ (Nurtured).  Chruthaich iad Croganan Beaga Coibhneis air an lìonadh le teachdaireachdan deimhinneach a bhiodh na thogail-inntinn do chàch is dhaibh fhèin.

[page 4] photo 3
[page 4] photo 4

Son ceann a chur air an t-seachdain ‘Fhallain‘ (Healthy) aca, ghabh a’ chlann ri dùbhlan ri bhith a’ dealbhachadh dhiathadan is ghreameagan biadhmhor. Lorg iad mar a dh’fhaodas roghainnean bìdh an dà chuid spionnadh is soirbheadas àrdachadh.

[page 4] photo 5
[page 4] photo 8
[page 4] photo 9

Bidh na greisean-ionnsachaidh prataigeach seo gan teagasg gu bheil a’ coimhead às dèidh an slàinte chorporra is slàinte na h-inntinn glè chudromach.

[page 4] photo 7
[page 4] photo 6

Tha sinne mòr air bhioran air sgàth an dealais a bhios buill de Chluba an t-Soirbheadais a nochdadh, agus tha sinn a’ sùileachadh tuilleadh ghnìomhachdan spòrsail air thoiseach orra ‘s iadsan a’ cumail a’ dol air an slighe soirbheadais.

Pages: 1 2 3 4 5 6