Gabhail beachd air a’ Bhaile-mhòr
Aig an sgoil-àraich, tha ùine air leth air a bhith againn a’ feuchainn a-mach an saoghal còmhla ris a’ chloinn. Bidh na tursan cunbhalach seo a’ toirt a-steach rudan anns an gabh iad ùidh agus gus am bi an cuid ionnsachaidh nas brìgheile.
Air a’ mhios sa chaidh, ‘s e ràith an fhoghair agus còmhdhail na fòcasan againn…
Ghabh a’ chlann tlachd mhòr de shiubhal air bus ionadail agus air an rèile fon talamh chun nam pàircean ionadail, far an robh cothrom aca ri briathrachas mun fhoghar ionnsachadh agus a chur gu feum.
Bha tòrr spòrs aca air tòrachd thaisgean an fhoghair le cromagan a chur air an liosta aca. Chùm seo an ùidh agus an aire air nàdar agus gu dearbh bha spors aca anns na pàircean-cluiche a bha ri làimh!
Chleachd sinn na tursan seo cuideachd a theagasg phuingean cudromach mu shàbhailteachd-rathaid; dè bu chòir dhaibh sùileachadh nuair a bhios iad a-muigh ‘s a-mach.
Dh’fheumte dol gu Taigh-tasgaidh na Còmhdhail cuideachd agus nochd a’ chlann ùidh mhòr ann an ionnsachadh mu na diofar sheòrsaichean de chòmhdhail a bh’ ann ‘s a th’ ann!
O chionn ghoirid, ghabh sinn bus chun an leabharlainn ionadail far an do ghabh a’ chlann tlachd de rannsachadh nan diofar leabhraichean a bha rim faighinn. Rinn iad dathachadh air na carataran a b’ fheàrr leotha.
Bha sinne toilichte ri lorg gun robh roinn de leabhraichean Gàidhlig do chloinn aca rin leughadh, agus aig an deireadh, chòrd tighinn ri chèile son èisteachd ri sgeulachd gu mòr riutha.
‘S ann aig teas-mheadhan an ionnsachaidh againn a tha cuairtean, agus bidh sinn a’ sùileachadh an ath chothroim ri innse dhuibh mu na gnìomhan spòrsail againn san àm ri teachd!
