Meabh Mheidigich
Rinn Liondsaidh, a tha na Trèanair Ciad-fhuasgladh nam Beag, cèilidh air clann tràth-bhliadhnaichean Òganan Dhùn Èideann o chionn ghoirid.
Bha a’ chlann air an dòigh ghlain ‘s iadsan ag ionnsachadh mu Chiad-fhuasgladh, agus thog iad ùidh mhòr ann a bhith a’ toirt cobhair is cùram do dhaoine eile ‘s dhaibh-fhèin.
B’ annsa leis a’ chloinn neach-taice Liondsaidh… mathan mòr feumach air gaolagain!
Dh’ionnsaich a’ chlann mu Chiad-fhuasgladh ann an dòigh eadar-obrachail a leig leotha ceistean a chur, tuigsinn tro chluiche, agus a bhrosnaich iad ri nithean ùra fheuchainn.
Chòrd cruth an t-seisein ris a’ chloinn gu lèir, agus fhuair gach seòra de neach-ionnsachaidh buannachd às an fhiosrachadh.
Còmhla ri chèile, dh’ionnsaich sinn:
Ciamar a chomharraicheas sinn 999…
…agus a dh’ath-aithriseas seòladh ar dachaighean ann an àm èiginn…
…ciamar a ghlanas sinn lotan agus a chuireas ceirean orra…
…agus dè bu chòir dhuinn dèanamh/aire a thoirt dha ma bhuaileas cuideigin a cheann.
Chaidh sgeulachdan, òrain, agus cùram do Mhgr. Mathan a mheasgachadh a-steach son an ionnsachaidh a neartachadh.
Aig deireadh an t-seisein, fhuair a’ chlann Teisteanas Ciad-fhuasgladh nam Beag, steigeir, agus leabhran anns an robh a h-uile sian a dh’ionnsaich iad tron latha.
Tha earbsa mhòr oirrne, Sgioba Obraichean nan Tràth-bhliadhnaichean, gum bi sinn slàn sàbhailte leis an uiread de Mheabh Mheidigich nar measg!