Òganan Bhaile a’ Ghobhainn
Dh’fhosgail Òganan Bhaile a’ Ghobhainn na dorsan aige còrr is bliadhna air ais, agus tha cùisean air leasachadh gu mòr bhon uair sin.
A’ chiad seachdain, bha ochdnar chlann a’ frithealadh na sgoile-àraich, ach tha an àireamh sin air àrdachadh gu 35 an-dràsta, agus a’ sìor-fhàs gach mìos!
Tha uiread den luchd-obrach proifeiseanta againn air fàs cuideachd, oir tha gach aon againn barantaichte a-nist no thathas ag obair a dh’ionnsaigh teisteanas ann an cùram-cloinne.
Tha sinn fòrtanach gu bheil togalach fìor ùr dheas-ghnàthaichte againn, a tha farsaing an dà chuid a-muigh is a-staigh, agus ‘s e buannachd mhòr a th’ ann gur urrainn don chloinn gabhail orra a-muigh ri cluich nuair a thogras iad.
Ann am beagan is bliadhna, tha sinn air àrainneachd fhàilteachail a chruthachadh, far am faigh a’ chlann cùram-cloinne gu h-àrd ìre agus tòrr dhiofar chothroman ri ionnsachadh is leasachadh gu pearsanta tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha sinn pròiseil gur i Gàidhlig cànan na Sgoile-àraich agus gu bheil a’ chlann againn a’ faighinn chothroman ri bhith ga cluinntinn ‘s ga cleachdadh gu làitheil tro chluiche ann an àrainneachd bhrosnachail bhlàth.
Tha a’ chlann a’ togail na Gàidhlig gu fìor mhath agus chaidh seo a chur an ìre dhuinn bho thidsearan na sgoile ‘s iad a’ beachdachadh air cho siubhalach ‘s a bha Gàidhlig an fheadhainn a chaidh a-null don sgoil bhon sgoil-àraich againn! Abair lèirmheas brosnachail!
Tha sinn làn dòchais gun cùm an Sgoil-àraich a’ leasachadh agus a’ neartachadh air na mìosan is bliadhnaichean ri tighinn, agus gun daingnich na ceangalaichean againn leis a’ choimhearsnachd is leis na teaghlaichean againn.
Tha sinn pròiseil agus onoraichte a bhith a’ toirt taice agus teagasg do ghinealach ùr luchd-labhairt na Gàidhlig!