Cluba Saor-làithean na Càisge Ghlaschu
Abair ùine mhath dha-rìribh a bh’ againn air feadh saor-làithean na Càisge!
‘S e seachdain làn thachartasan air leth a bh’ ann, agus bha tòrr spòrs aig a’ chloinn ‘s aig an luchd-obrach…
B’ e saidheans tèama a’ chiad latha de Chluba nan Saor-làithean!
Chuir an clann ùine seachad air deuchainnean a leithid: deuchainn uisge-coiseachd a’ bhogha-froise, lorgan-meòir iongantach, agus deuchainn a’ bhainne dhraoidheach.
‘S e Latha Farpais-cheist is Ghèamannan-bùird a bh’ againn an dàrna latha!
Sheinn a’ chlann òran Disney agus ghabh iad pàirt san Fharpais-cheist Òganan.
Cuideachd, bha gèamannan dannsaidh is ciùil ann le cothrom air leabhraichean Gàidhlig a choisinn mar dhuaisean!
Chùm sinn Latha Fànais is Star Wars an treas latha!
Bha cothrom aig a’ chloinn ri fàs cruthachail nuair a rinn sinn claidheamhan-solais dhuinn fhèin, agus tharraing iad uile dealbh den adhar air an oidhche anns an robh na cruinn-reultan as fheàrr leotha.
Cuideachdh, rinn sinn Briosgaidean na h-Ìmpireachd dèanta aig an taigh mar bhiadh-mealaidh blasta an fheasgair!
Mu dheireadh na seachdain, bha Latha Spòrs is Ealain againn!
Bha sreath de thachartasan ann a leithid: rèisean pàirteach, cùrsaichean-trèinidh lùthchleasach, agus giomnastachd. Cuideachd, bha cothrom aig a’ chloinn ri bratan-cupa dhaibh fhèin air fiodh a chruthachadh.
Aig an deireadh, rinn sinn usgaran-làimhean is muingean, agus bha iad uile a’ coimhead dìreach àlainn!
An-dràsta, tha fiughair mhòr againn ri Cluba Saor-làithean an t-Samhraidh, a bhios am fear as fheàrr a-chaoidh gu dòchasach.
Às dèidh dhuinn air beachdan na cloinne fhaighinn, feuchaidh sinn ri cuairtean fad an latha a rèiteachadh son am prògram againn a dhèanamh fiù ‘s na fheàrr fhathast.
Nach sinne a tha mòr air bhioran!!
Cluba Saor-làithean na Càisge Ghlaschu
Abair ùine mhath dha-rìribh a bh’ againn air feadh saor-làithean na Càisge!
‘S e seachdain làn thachartasan air leth a bh’ ann, agus bha tòrr spòrs aig a’ chloinn ‘s aig an luchd-obrach…
Abair ùine mhath dha-rìribh a bh’ againn air feadh saor-làithean na Càisge! ‘S e seachdain làn thachartasan air leth a bh’ ann, agus bha tòrr spòrs aig a’ chloinn ‘s aig an luchd-obrach…
B’ e saidheans tèama a’ chiad latha de Chluba nan Saor-làithean!
Chuir an clann ùine seachad air deuchainnean a leithid: deuchainn uisge-coiseachd a’ bhogha-froise, lorgan-meòir iongantach, agus deuchainn a’ bhainne dhraoidheach.
‘S e Latha Farpais-cheist is Ghèamannan-bùird a bh’ againn an dàrna latha!
Sheinn a’ chlann òran Disney agus ghabh iad pàirt san Fharpais-cheist Òganan.
Cuideachd, bha gèamannan dannsaidh is ciùil ann le cothrom air leabhraichean Gàidhlig a choisinn mar dhuaisean!
Chùm sinn Latha Fànais is Star Wars an treas latha!
Bha cothrom aig a’ chloinn ri fàs cruthachail nuair a rinn sinn claidheamhan-solais dhuinn fhèin, agus tharraing iad uile dealbh den adhar air an oidhche anns an robh na cruinn-reultan as fheàrr leotha.
Cuideachdh, rinn sinn Briosgaidean na h-Ìmpireachd dèanta aig an taigh mar bhiadh-mealaidh blasta an fheasgair!
Mu dheireadh na seachdain, bha Latha Spòrs is Ealain againn!
Bha sreath de thachartasan ann a leithid: rèisean pàirteach, cùrsaichean-trèinidh lùthchleasach, agus giomnastachd.
Cuideachd, bha cothrom aig a’ chloinn ri bratan-cupa dhaibh fhèin air fiodh a chruthachadh. Aig an deireadh, rinn sinn usgaran-làimhean is muingean, agus bha iad uile a’ coimhead dìreach àlainn!