Cuirt-litir an t-Samhraidh 2024
Cuirt-litir an t-Samhraidh 2024

Leasachadh Cairt-bhìdh Shnaoicean son 2024–25

Cuirt-litir Samhraidh 2024

Air sgàth ‘s gu bheil deireadh na teirme a’ teannadh oirnn, shaoil sinn gum biodh an t-àm seo iomchaidh ri lèirmheas air cairt-bhìdh shnaoicean a chumail air feadh nan suidheachaidhean againn.

‘S e ar n-amas ri bhith a’ tabhann roghainnean farsaing de shnaoic a shàsaicheas na càile diofaraichte a th’ aig gach pàiste fa-leth fo ar cùram.

Leis gu bheil sinn an geall air beathachadh fallain a bhrosnachadh a thaobh roghainnean snaoic, nì sinn cinnteach gum bi measan ùra is glasraich rim faighinn a h-uile latha.

Air feadh a’ phròiseis seo, chùm sinn gu dlùth ri stiùireadh Coimisean a’ Chùraim air a bheil ‘Food Matters – Nurturing Happy, Healthy Children’.

newsletter food matters

O chionn ghoirid…

newsletter snack research

…rinn dithis de na caileagan C5 againn rannsachadh còmhla ri cloinn eile ‘s iadsan a’ trusadh an cuid bheachdan air na bhios ann de roghainnean bìdh bhuainn an-dràsta.

Bha a’ chlann gu math deònach ri am barail a thoirt seachad agus chaidh nochdadh gu soilleir gu bheil annsachdan àraidh ann.

children's voices
Guth na Cloinne

Tha tortilla chips le salsa an snaoic as fheàrr leum!

– Ione (C5)

‘S toil leum nuair a tha tòrr diofair thaghan ann.

– Iona (C4)

‘S toil leum gu bheil ruidegin diofraichte ann airson snaoic a h-uile latha.

– Sisi (C2)

newsletter snack research 1
newsletter snack research 2

Tha an rannsachadh seo air leth cuideachail dhuinn a thaobh ghreimeagan fallain taitneach a sholar don a h-uile duine.

Gus an cùm sinn cairt-bhìdh nan snaoicean ùr ‘s làn ùidhe, thathas a’ cruthachadh cairt-bhìdh ùraichte aig co-obraiche an-dràsta, anns am bi molaidhean is beachdan a thog ceann leis an rannsachadh.

newsletter snack research 3

Pages: 1 2 3 4 5 6