Cuirt-litir an t-Samhraidh 2024
Cuirt-litir an t-Samhraidh 2024

 
An Fheadhainn Mhòra

Is sinne a tha fòrtanach gu bheil ceangal làidir againn ri Bun-sgoil Bhaile a’ Ghobhainn, agus e tarsainn an rathad bhon sgoil-àraich.

govan glas newsletter 1

Is math leinn a bhith a’ brosnachadh dhàimhean eadar a’ chlann bheaga agus na sgoilearan, gus am bi cothrom aca eòlas a chur air a chèile airson an cuideachadh le bhith ag eadar-ghluasad dhan sgoil.

Mar sin, bidh sinn gu tric a’ toirt cuireadh don ‘fheadhainn mhòra’ a thighinn a-nall airson leughadh don fheadhainn bheaga ann an Gàidhlig.

govan glas newsletter 2
govan glas newsletter 3

‘S e ar beachd (agus tha sinn air faicinn) gu bheil e gu math cuideachail dhaibh, an dà-chuid a bhith ag aithneachadh na feadhna mòire, gus am fàgail a’ faireachdainn nas dachaigheile agus nas cofhurtaile, agus gus Gàidhlig a chluinntinn aig clann nas sine.

Gheibh an fheadhainn nas sine buannachadh às a bharrachd.

Thig iad a-steach gu àrainneachd bhogaidh, taobh a-muigh na sgoile, far a bheil Gàidhlig ga cleachdadh mar phrìomh chànan-obrach, a tha ga h-àbhaisteachadh dhaibh mura h-eil Gàidhlig aca san dachaigh.

govan glas newsletter 4

Gheibh an fheadhainn mhòra lainneard Òganan ri chosg agus faodaidh iad an ainmean a chlàradh, mar gur e luchd-obrach (no tidsearan) a th’ annta, gus am brosnachadh a bhith cùramach agus earbsach nan conaltradh le clann bheaga.

govan glas newsletter 5

A bharrachd air na h-uile sin, bidh na cuairtean seo a’ stèidheachadh ro-shampall. Tha fhios againn gun coimhead clann nas òige suas ri feadhainn nas sine, agus ag aithris orra.

Tro bhith gam faicinn agus gan cluinntinn a’ leughadh, thathas a’ sealltainn dhaibh gu bheil luach ann an leughadh nach fhaighear a-mhàin bho òrdugh agus miann nan inbheach.

Pages: 1 2 3 4 5 6