Cluba Saor-làithean na Càisge Dhùn Èideann
O chionn ghoirid, chuir sinn fàilte air cuid agaibh do Chluba Saor-làithean na Càisge, far an do thabhann sinn sreath de làithean le tèama is cuairtean.
Chaidh na tèaman a chruthachadh còmhla ris a’ chloinn agus stèidhichte air na cuspairean a bha ùidheil dhaibh an uair sin.
A-measg nan tèaman-latha bha Taisbeantas Thàlantan bho Òganan fhèin ann, Latha Eadar-nàiseanta Leabhraichean, An Talamh Dinimigeach, ach ‘s e a’ chèilidh bhon tuathanas an rud a b’ fheàrr buileach leis a’ mhòr-chuid!
Seachdain 1:
Latha Eadar-nàiseanta nan Leabhraichean
Thòisich an t-seachdain le Latha Eadar-nàiseanta Leabhraichean, nuair a b’ urrainn don chloinn leabhraichean, pàipearan-èibhinn, agus dealbhan-glaodhaidh a dhèanamh, agus còmhradh a chumail air na leabhraichean as fheàrr leotha.
Thig an tuathanas a dh'Òganan!
An ath latha, thàinig an tuathanas a chèilidh oirnn. Chòrd sin gu mòr mòr ris a’ chloinn (agus ris an luchd-obrach!).
Fhuair sinn eòlas air alpacathan, pònaidhean Shealtainn, coineanaich, is goibhrean. Leig leis na beathaichean cuartalanaich air feadh an àite mar a thogradh iad fhèin le cobhair bhon chloinn.
“’S e an latha aig Òganan as fheàrr leam A-RIAMH ‘s bha na beathaichean san raon-chluich.”
– Felix (C1)
Latha sa Ghàrradh
Nach sinne a bha taingeil leis an t-sìde a bh’ againn Latha nan Gàirnealairean a thàinig as dèidh làimh!
Mhaisich sinn poitean-lusa agus chuir sinn dìtheanan àlainn.
Turas do'n Phàirc
Chrìochnaich sinn an t-seachdain le cuairt a Phàirc Philrig. Ged a bha i fluich, ‘s ann math dha-rìribh a bha an t-sìde airson lodanan eabarach!
Seachdain 2:
MasterChef Òg
Thòisich Seachdain a Dhà le Maighstir-Chòcaire na h-Òigridh, a leig leis a’ chloinn an sgilean a thaisbeanadh ann an sgeadachadh chèicean is cruthachadh phiotsathan.
“B’ urrainn dhomh piotsa ann an cruth maighdinn-mara a dhèanamh seach gu bheil gràdh agam air maighdinnean-mara.”
– Cora (C1)
Tàlantan aig Òganan!
Dhearbh Taisbeantas Thàlantan Òganain na sgilean mìorbhaileach a th’ aig a’ chloinn: cluich a’ phiàno, giomnastachd, agus dannsaichean innleachdach, gun luaidh a dhèanamh air tuilleadh de na sgilean a chaidh tairgsinn.
Bha fiù ‘s draoidh nar measg – chan eil dad a dh’fhios againn fhathast air ciamar a rinn e e!
“CHAN ANN?! Sin draoidheachd! Ciamar a rinn e sin?”
– Oliver (C3)
Talamhainn Dinimigich
An dàrna seachdain, rinn sinn cuairt chun na Talamhainn Dinimigich le measgachadh de chloinn a thadhal oirre roimhe sin agus son a’ chiad uair.
“Chòrd an seòmar-deighe aig Dynamic Earth rium”
– Molly (C5)
Faoighead Òganan
Às dèidh seachdain loma-làn de thachartasan, bha a’ chlann buidheach airson cuirm-chadail Òganain, agus an uair sin an dàrna chuairt againn don phàirc, a thug beagan ùine fheumail shàmhach dhaibh ri fois a ghabhail.