Cuirt-litir an t-Samhraidh 2024
Cuirt-litir an t-Samhraidh 2024

Dàna-thursan Eairdsidh MhicMhathain!

Fad beagan na bu ghiorra na dà bhliadhna, tha Eairdsidh MacMhathain, teadaidh gràdhaichte na sgoile-àraich againn, air a bhith na phàirt de bheatha na cloinne aig Òganan Bhaile a’ Ghobhainn.

Bidh cothrom ann don a h-uile pàiste Eairdsidh a thoirt dhachaigh leibh corra oidhche.

newsletter bear adventures

Tha gràdh mòr aig a’ chloinn air Eairdsidh, agus bidh iad air an togail gu mòr nuair a thig an greis-san ra thoirt dhachaigh.

newsletter bear adventures 1

Bidh sinn a’ brosnachadh na cloinne ri bruidhinn ri Eairdsidh agus ri ionnsachadh dha mar a dhèanadh esan rudan cumanta, leithid ri bhith a’ bruiseadh fhiaclan no a’ cur a bhrògan air.

newsletter bear adventures 2

Mhothaich sinn gur ann le moit a bhios a’ chlann a’ teagasg Gàidhlig a dh’Eairdsidh, agus bidh seo a’ toirt cothrom dhaibh Gàidhlig a chur gu feum ann an àitichean taobh a-muigh air an sgoil-àraich; rud nach biodh ach taiceil.

Bidh sinn a’ lorg gun toir seo spionnadh mòr do leasachadh ionnsachadh-cànain na cloinne agus gu bheil e na thaic dan ionnsachadh sòiseo-fhaireachail, seach gum faodadh a’ toirt cùram a dh’Eairdsidh co-fhaireachdainn is cùram a thàrmachadh.

newsletter bear adventures 3
newsletter bear adventures 4
newsletter bear adventures 6
newsletter bear adventures 5

Bidh e a’ togail cuideachd air a’ cheangal eadar am beatha san dachaigh ‘s an sgoil-àraich agus a’ leigeil leotha innse don a chèile na bha iad ris còmhla.

newsletter bear adventures 7

Gu ruige seo, tha Eairdsidh air a bhith air feadh Ghlaschu còmhla ris a’ chloinn againn.

Chaidh leughadh dha, cluich leis, seinn ris, agus fiù ‘s bhuannaich e a’ ghealach!

Sin thu fhèin, Eairdsidh!

children's voices
Guth na Cloinne

“Bha tòrr spòrs agam le Eairdsidh – chluich sinn le ‘bouncy ball’ ”

– Rona (Aois 4)

“Chaidh sinn gu caisteal! ”

– Eilidh (Aois 5)

Pages: 1 2 3 4 5 6