Fàilte do Chuairt-litir an t-Samhraidh againn!
Tha sinn an dòchas gun lorg sibh i làn de dh’fhiosrachadh ùidhmhor, agus gun toir i seallagan dhuibh air na gnìomhachdan dùsgach a bhios a’ tachart aig Òganan.
Aig Òganan, tha sinn an geall air sìor-leasachadh, agus le sin tha beachdan phàrantan is luchd-cùraim glè chudromach is luachmhor dhuinn ann an stiùireadh nan cleachdaidhean againn. ‘S ann buileach feumail dhuinn a tha ur comhairle is beachd-smuaintean agus sinne a’ sìor-shireadh ris na seirbheisean againn a chur am feabhas.
Tha an sgioba againn a’ strì ri àrainneachd shàbhailte spòrsail fhàilteachail a chruthachadh don chloinn nar cùram. Tha sinn taingeil agus nur comain gu mòr airson ur taice leantainnich is ur n-earbsa annainn.
Còmhla ri chėile, ‘s urrainn dhuinn cumail a’ dol a’ solar na h-ama as fheàrr a dh’fhaodas do ur cloinn.
