Òganan Bhaile a’ Ghobhainn – Latha Fosgailte
Disathairne, an 14mh den Ògmhios, chùm sinn a’ chiad latha fosgailte againn aig Òganan Bhaile a’ Ghobhainn, agus ged nach robh an t-sìde mar a bu mhath leinn, cha do mhì-mhisnich na speuran gruamarach an fheadhainn bheaga againne!
Bha an tachartas fosgailte don na teaghlaichean a th’ againn mar-thà, dhaibhsan a tha gus tòiseachadh a dh’aithghearr, agus don fheadhainn a bhios a’ sùileachadh tighinn don choimhearsnachd altramaich againn.
‘S e cothrom air leth a bh’ ann do na teaghlaichean is dan luchd-obrach againn a thighinn còmhla leis an fheadhainn a tha gus tòiseachadh, airson cuairt fhaighinn air an sgoil-àraich is coinneachadh ris an luchd-obrach agus deoch theth is pigheann a ghabhail.
Bha tè de bhàrr-phùingean an latha an seisean blasad Gàidhlig do phàrantan a threòraich Viktor, fear de na prataigichean cùraim-cloinne againn. ‘S e deagh inntrigeadh air còmhradh sa Ghàidhlig a bh’ ann, agus dhearg oirnn an dealas ‘s an ùidh a nochd na pàrantan ann.
Chòrd caochladh ghnìomhan spòrsail ris a’ chloinn, eadar ceàirdean is taois-chluiche is cluiche sgairteil air an taobh a-muigh (nuair a bha i na turadh!). Bha fèill mhòr air peantadh-aodainn aig Hannah, an tè ealanta thàlantach againn san sgioba, leis a h-uile càil eadar dìneasaran is tìgearan a’ toirt snodha-gaire oirnn uile.
Nach buidhe dhuinn cuideachd gun do rinn bhana nan reòiteagan tadhall oirnn! Fliuch no tioram, cha chuir smealamas milis ceàrr thu!
Mòran taing don a h-uile duine a thàinig ‘s a chuir ri soirbheas an latha.
Bha e math an dà chuid aodainnean aithnichte is ùra fhaicinn, agus tha fiughair mhòr againn ri tuilleadh thachartasan den t-seòrsa seo a chumail san àm ri teachd.
“Sheall mi mo mhamaidh mun cuairt air an sgoil-àraich agus sheall mi dhi cho luath ‘s a thèid mi air an rothar ghorm. ‘S e deagh latha a bh’ ann. Agus bha beagan dhèideagan ùra ann cuideachd!”
Maddox (5)
