Òganan Dhùn Èideann – Latha Fosgailte
Chùm Òganan Dhùn Èideann a’ chiad Latha Fosgailte againn san Ògmhios, agus chuir sinn fàilte air corr is 20 teaghlach – an dà chuid sean is ùr.
‘S e cothrom math a bh’ ann do na teaghlaichean a dh’fhaicinn na h-àitichean air feadh Òganan a chleachdas sinn, agus mar a bhios a’ chlann a’ mealadh an ùine aig Cluba às-dèidh na Sgoile, ‘s iadsan a’ cluich agus a’ dol nan comhair ris an sgioba anabarrach againn.
Tha sinn a’ toirt taing mhòr gu sònraichte do na trì caileagan C6, seach gun do chuir iad laineard Òganan orra agus chuidich iad leinn leis an Latha Fhosgailte.
Rinn iad cuideachadh le càradh nan àitichean-cluiche, a’ cur fàilte air teaghlaichean (‘s ag àrdachadh an cuid Ghàidhlig!), a’ frithealadh le biadh is deochan, cho math ri taic a thoirt don fheadhainn bheaga san t-suidheachadh.
Bha iad pròiseil, gu ceart, às na thug iad gu soirbheachas an latha.
Chaidh a’ chlann sna tràth-bhliadhnaichean againn an sàs san tachartas cuideachd, agus còmhla ri Chantelle ‘s Cèitidh dh’fhuin iad aran-banana blasta a fhuair gabhail ris gu mòr!
‘S e feasgar glè dheimhinneach a bh’ ann, agus chuir seachad a’ chlann a’ chuid as motha dheth air a’ bhlàr a-muigh fon ghrèin.
Gun teagamh, ‘s e fear de na bàrr-phuingean am peantadh aodannan aibeiseach math aig Catrìona – bha corra Spiderman is aon-adharcach a’ dol dhachaigh bhuainn aig deireadh an latha!
Bha sinn air ar dòigh ghlain a chuir eòlas air an uiread de na teaghlaichean againn, agus tha fiughair mhòr againn mar-thà ri tuilleadh Làithean Fosgailte a chumail air feadh na bliadhna acadaimigich a tha romhainn. Cumaibh sùil air nochdadh nan ceann-latha son an leabhar-latha agaibh air na mìosan ri tighinn!
