Gleann Dail: Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim
Chumadh sgrùdadh oirnn aig Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim o chionn ghoirid. ‘S e àm deannal a bhios ann an-còmhnaidh, ach ‘s ann le toileachas as urrainn dhomh aithris gun deach e gu fìor mhath! Fhuair sinn trì luachaidhean de ‘ghlè mhath‘ agus aonan de ‘mhath‘, agus tha sinn fo mhoit mhòir à siud (a’ ciallachadh 5/6 trì tursan agus 4/6 aon turas a-rèir siostam na luchd-sgrùdaidh fhèin).
Bidh an sgioba ag obair gu cruaidh son deagh chùram a thoirt don chloinn agus nach math gun deach sin aithneachadh.
Rinn an luchd-sgrùdaidh iomradh sònraichte air mar a bhios an sgioba a’ planadh ghnìomhan-cluiche bho ùidhean is bheachdan na cloinne, an dà chuid bho chòmhraidhean làitheil agus cuideachd bho cho-chomhairleachaidhean a dh’aona-ghnothach (leithid an leabhar-ùrlair againn).
Fhuair sinn àrd-mholaidhean mun àrainneachd àrachail a tha sinn air cruthachadh.
Arsa fear den luchd-sgrùdaidh gun robh a’ chlann “gan àrachadh agus gan cuideachadh air feadh na dh’fhiosraicheas iad san latha”, agus nì seo dearbhadh air a’ chàirdeas làidir is an earbsa a tha sinn air togail eadarainn.
‘S e cleachdadh cunbhalach na Gàidhlig fear eile de na bàrr-phuingean. Dh’ainmich an neach-sgrùdaidh mar a thathas a’ chlann air an tumadh sa chànain ‘s iadsan a’ cluich. Tha seo bunaiteach do na nì sinn, agus mar sin dheth, bidh sinn a’ cur fàilte air aithneachadh gum bi an sgioba a’ brosnachadh leasachadh cànain ann am modh brìoghmhor is spòrsail.
Uile gu lèir, ‘s e àm glè dheimhinneach a bh’ ann, agus tha sinn riaraichte leis an toradh.
Bidh cùisean ann daonnan dhan as fhiach meòmhrachadh, ach chuir am beachdachadh is an t-ath-mhisneachadh seo spionnadh ùr annainn ‘s gu bheil sinn a’ gluasad air an t-slighe cheirt.
