Baile a’ Ghobhainn: Manaidsear Ùr
On a thòisich mi nam mhanaidsear sa Ghiblean, bha e na tleachd mhòr dhomh a chur eòlas air a’ chloinn ‘s an sgioba. Thar nam beagan mhìosan sa chaidh, bha sinn ag obair gu cruaidh gus ar n-àrainneachd agus na cleachdaidhean againn a leasachadh, fiù ‘s le beachdan luachmhor na cloinne fhèin.
Seo feadhainn de na h-atharraidhean a thug sinn a-steach:
Leasachadh air an àrainneachd:
Mheudaich sinn an seòmar le goireasan ùra seansoraidh, rud a fhuair fios gu math fàbharach bhon chloinn.
Brosnachadh neo-eisimeileachd:
Tha a’ chlann an sàs nas motha aig àm-greimeig le cothroman cuideachd son làmh a bhith aca ann an ullachadh am bìdh fhèin.
Sgrùdadh seansoraidh:
Chùm sinn modh-sgrùdaidh làn air an àrainneachd sheansoraidh, gus am bi i a’ cur taic nas fheàrr ri feumalachdan a h-uile pàiste.
Leasachadh luchd-obrach:
Tha a h-uile neach-obrach air trèanadh a dhèanamh o chionn ghoirid ann an Dian na Cloinne agus Cleachdadh Fiosraichte air Ciùrradh.
Èisteachd ri guthan chlann:
Tha sinn a’ cur cudrom nas treasa ri bhith a’ cruinneachadh is a’ clàradh bheachdan na cloinne son stiùir a thoirt air ar cleachdadh làitheil.
Ath-sgrùdadh phlanaichean-cùraim:
Rinn sinn ùrachadh air a h-uile plana-cùraim, gus an cumail nua-aimsireil is freagarrach.
Gus taic a bharrachd a thoirt do ur pàiste agus son dealbh iomlan fheumalachdan pearsanta a thuigsinn, tha sin air an sgrìobhainn Seo Mise a roinn le teaghlaichean o chionn ghoirid.
Bhiodh e na chuideachadh mòr dhuinn nan lìonadh sibh a-steach i còmhla ri ur pàiste agus a tilleadh thugainn san Lùnastal. Bidh seo na chuideachadh mòr don sgioba againn airson a’ chùraim is na taice as fheàrr a thoirt seachad.
Mo thaing mhòr dhuibh airson ur taice leantainnich. Ma tha ceistean sam bith agaibh, no ma thogras sibh bruidhinn riumsa dìreach, na dèanaibh dàil ann am fios a leigeil thugam.
Sean Thomson
sean@oganan.com
